Friedrich Nietzsche
Contributors to Wikimedia projects
Article ImagesB' e feallsanach às a' Ghearmailt a bh' ann am Friedrich Wilhelm Nietzsche (IPA: ˈfʁiːdʁɪç ˈvɪlhɛlm ˈniːtʃə, Röcken, 15 an Dàmhair 1844 - Weimar, 25 an Lùnastal 1900).
Rugadh e ann an Röcken bei Lützen is bho 5 bliadhna a dh'aois thogadh e ann an Naumburg an der Saale. Eadar aoisean 14 is 19 bha e na sgoilear aig sgoil-chòmhnaidh faisg air Naumburg far an do leugh e obraichean le Friedrich Hölderlin agus David Strauss. Bha e na oileanach aig Oilthigh Bhonn agus an-sin aig Oilthigh Leipzig, far an do dh'fhoillsich e aistean air bàird Seann-ghreugach agus Arastotal. Lorg e na h-obraichean Schopenhauer a thoireadh buaidh mhòr air. Rinn e càirdeas ri Richard Wagner is Wagner ga mholadh airson chathair aig Oilthigh Bhasel, far an deach e na ollamh ann an 1869 aig aois 24. Dh'fhrithealaich e mar chuidiche ospadail anns a' Chogadh Fraing-Phruiseach ann an 1870 is fhuair e galar na h-amhaich agus an galar-gasta. Thug Nietzsche buaidh uabhasach fhèin làidir air Hitler agus Nàsachd.[1]
Dh'fhoillsich e a chiad leabhar, Die Geburt der Tragödie aus dem Geiste der Musik ('Breith Bròn-chluiche bho Anam a' Chiùil') ann an 1872 agus Menschliches, Allzumenschliches ('Daonnail, cho Ro-daonnail') ann an 1878 ach dh'fhàg e an t-oilthigh ann an 1879 air sgàth droch shlàinte is shiubhail e eadar bailtean fad na h-Eadailt, na h-Eilbheis, na Frainge is na Gearmailte is e a' sgrìobhadh obraichean as ainmeile, mar eisimpleir Thar Math is Mall (1886) is Nietzsche an aghaidh Wagner (1888). Thachair e ri Lou Andreas-Salomé anns an Ròimh ann an 1882. Dh'fhulaing e briseadh-inntinn ann an 1889 is cha do sgrìobh e a-rithist mus do chaochail e ann an 1900.[2]
B' e Alexander Tille, òraidiche aig Oilthigh Ghlaschu, a dheasaich a' chiad eagran na h-obraichean Nietzsche anns a' Bheurla is e fhèin air Mar a thuirt Zarathustra eadar-theangachadh. Dh'eadar-theangaich Thomas Common Cùis Wagner.[3]
- Die Geburt der Tragödie ('Breith Bròn-chluiche bho Anam a' Chiùil', 1872)
- Unzeitgemässe Betrachtungen ('Beachdan An-tràthach'):
- David Strauss: der Bekenner und der Schriftsteller ('David Strauss: an t-Aidhmeilear agus an Sgrìobhaiche', 1873)
- Vom Nutzen und Nachtheil der Historie für das Leben ('Cleachdadh is Cron na h-Eachdraidhe airson a' Bheatha', 1874)
- Schopenhauer als Erzieher ('Schopenhauer mar Fhoghlamaiche', 1874)
- Richard Wagner in Bayreuth ('Richard Wagner ann am Bayreuth', 1876)
- Menschliches, Allzumenschliches ('Daonnail, cho Ro-daonnail', 1878)
- Der Wanderer und sein Schatten ('An t-Seachranaich agus a Sgàil', 1880)
- Morgenröte ('Ròs na Maidne', 1881)
- Die fröhliche Wissenschaft ('An t-Eòlas Aoibhneach', 1882)
- Also sprach Zarathustra ('Mar a thuirt Zarathustra', 1883)
- Jenseits von Gut und Böse ('Thar Math is Mall', 1886)
- Zur Genealogie der Moral ('Sloinntearachd Moraltachd', 1887)
- Der Fall Wagner ('Cùis Wagner', 1888)
- Ecce Homo (1888)
- “Journal of Nietzsche Studies”. Georgia State University. Air a thogail 31mh dhen Chèitean 2020.
- “Friedrich Nietzsche Stiftung”. Fonndas Friedrich Nietzsche. Air a thogail 31mh dhen Chèitean 2020.
- “Nietzsche-Haus”. Nietzsche-Haus in Sils-Maria. Air a thogail 31mh dhen Chèitean 2020.
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
- ↑ Grunberger, Richard, A Social History of the Third Reich, Weidenfeld and Nicolson, Lunnainn, 1971
- ↑ Wicks, Robert (Foghar 2018): Zalta, Edward N.:“Nietzsche’s Life and Works”. Stanford Encyclopedia of Philosophy (Fall 2018 Edition). Oilthigh Stanford. Air a thogail 31mh dhen Chèitean 2020.
- ↑ Robertson, Ritchie (2012): “Nietzsche in Glasgow: Alexander Tille, John Davidson and Edwin Muir”, Scotland and the 19th-Century World, td. 213–230. Air a thogail 30mh dhen Chèitean 2020.
Feallsanaich ainmeil ann an eachdraidh